Do you use census data? We'd like your feedback.

Iùil fàilte

Sealladh thairis a' chunntas-sluaigh is na tha e a' cruinneachadh.

An cunntas-sluaigh agus tidsearan

’S e tachartas cloiche-mìle a th’ ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba.

’S e cunntadh oifigeil de na daoine is sliochdantaighe uile a tha san dùthaich a th’ ann.

Tha cunntas-sluaigh air a bhith a’ tachairt gach 10 bliadhna bho 1801. Tha na freagairtean a tha daoine a’ toirt do cheistean cunntais sluaigh gar cuideachadh dealbh de shluaigh na h-Alba a tharraing. Tha feum aig an Riaghaltas agus aig solaraichean seirbheise air dàta a’ chunntais-shluaigh gus co-dhùnaidhean cudromach a dhèanamh.

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gun tèid guth a h-uile duine a chunntadh san chunntas-sluaigh agus gum bi ìomhaigh mhionaideach is  chuimseach den dùthaich againn.

’S e sin as coireach gum biomaid air ar dòigh nam b’ urrainn dhuibh is do ur sgoilearan a bhith an sàs ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba 2022 agus a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn tairbhean a’ chunntaisshluaigh.

Ceart ma-thà, tòisicheamaid!

Eachdraidh a’ chunntais-shluaigh

Mar a chaidh òrdachadh le Achd Pàrlamaid, tha cunntas-sluaigh oifigeil de shluagh Bhreatainn air a bhith a’ tachairt gach 10 bliadhna bho 1801, ach a-mhàin ann an 1941 is 2021.

Ron sin, bha cunntasan-sluaigh neochunbhalach agus cha robh iad a’ dèanamh mòran eile ach àireamh an t-sluaigh fhèin a chunntadh. Ach bho 1801, rinn cunntasan-sluaigh dealbh nas doimhne is nas fharsainge de shluagh na h-Alba.

Tha tòrr air atharrachadh bho 1801, gu h-àraidh a thaobh dè cho mionaideach ’s a tha ceistean a’ chunntais-shluaigh. Mar eisimpleir, an-diugh, thathar a’ faighneachd cia mheud càraichean a tha agaibh no am bi sibh a’ cleachdadh Cànan-soidhnidh Bhreatainn. Tha freagairtean nan ceistean ud a’ cruthachadh ìomhaigh gu math mionaideach de shluagh na h-Alba agus tha seo a’ cuideachadh an Riaghaltais gus co-dhùnaidhen dhèanamh a bhios buannachdail don dùthaich air fad.

Às dèidh 100 bliadhna, ’s urrainn don phoballa h-uile cunntas-sluaigh fhaighinn. Tha sin a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn rannsachadh ciamar a dh’atharraich Alba on na làithean a tha seachad agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu dheidhinn nan daoine a bha ann romhainn.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air a’ chunntas-shluaigh aig Clàran
Nàiseanta na h-Alba agus Cunntassluaigh na h-Alba.

Agus airson barrachd fiosrachaidh eachdraidheil, rachaibh gu làrach-lìn Scotland’s People.

Cunntas-sluaigh na h-Alba 2022

Tha Cunntas-sluaigh na h-Alba air a bhith a’ sìor-atharrachadh bho 1801.

An-diugh, gabhaidh ceisteachan a’ chunntas shluaigh airson ur sliochd-taighe a lìonadh air loidhne no air pàipear. Tha an cunntas-sluaigh fhathast a’ cruinneachadh ainmean is aoisean nan daoine a tha a’ fuireach anns an t-sliochd taighe agaibh ach chaidh a leasachadh gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn, a’ gabhail a steach na h-obrach agaibh, na ceadansiubhail a tha agaibh agus cia mheud càr a tha agaibh.

Tha feum aig an Riaghaltas agus aig solaraichean seirbheis eile air dàta a’ chunntais-shluaigh gus co-dhùnaidhean cudromach a dhèanamh. Faicibh na h-uidheaman airson barrachd fiosrachaidh no airson iùl seòmair-chlas a luchdachadh a-nuas. Gheibhear tòrr ghoireasan gus planaichean leasain a chruthachadh, mholaidhean airson cleasan sa chlas is mòran eile.