Uidheaman foghlaim
Tha cuideachd ceanglaichean 's na h-uidheaman foghlaim ri stuthan eadar-dhealaichte air an duilleig seo.
Geàrr-chunntas air a’ Chunntas-shluaigh
’S e tachartas comharraichte a th’ ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba.
Tha e a’ tachairt gach 10 bliadhna agus tha e deatamach ann a bhith a’ cunntadh an t-sluaigh agus a’ sgaoileadh fiosrachaidh a tha a’ cuideachadh Riaghailtas na dùthcha gus plannadh airson an ama ri teachd.
Bidh Latha Cunntas-sluaigh na h-Alba a’ tachairt air 20 Màrt 2022 agus bithear ag iarraidh air a h-uile teaghlach san dùthaich an ceisteachan aca a lìonadh an latha ud fhèin no tron mhìos ud.
Speak Census
Chruthaich sinn Speak Census gus taic a thoirt dhan chunntas-sluaigh agus do theagasg a’ chunntais-shluaigh sna sgoiltean.
’S e cruinneachadh de stuth-sgoile a th’ ann an Speak Census a chaidh a dhealbhadh gus ur cuideachadh ur sgoilearan a bhrosnachadh agus iad ag ionnsachadh mu Chunntas-sluaigh na h-Alba agus gus bruidhinn mu Latha Cunntas-sluaigh na h-Alba còmhla ri an teaghlach, caraidean, luchd-cùraim is daoine eile leis a bheil iad a’ fuireach.
Sna h-acainnean seo, gheibhear ceangalaichean ris na stuthan a tha ri luchdachadh a-nuas, cùl-fhiosrachadh air a’ chunntas-shluaigh agus ceangalan ri barrachd fiosrachaidh.
Iùl nan tidsearan
Paca-fàilte Speak Census
Thoiribh sùil nas doimhne air a’ chunntais-shluaigh, eachdraidh agus a structar làithreach.
Iùl an t-seòmair-chlas
Faicibh mar a tha Speak Census a’ co-fhreagairt ri ur curraicealam sa chlas agus faighibh molaidhean airson cleasan-sgoile is cleasan-taighe ceangailte ris a’ chunntas-shluaigh.
Luchdaich a-nuas
Goireasan a bharrachd
Taisbeanadh PowerPoint
Briogaibh “luchdaich a-nuas” gus teamplaid airson taisbeanadh clas air Speak Census a chruthachadh fhaighinn, le molaidhean a thaobh “stuthan ri ghabhail
a-steach” an lùib.
Gheibhear fiosrachad as urrainn dhuibh a chur ri gach moladh anns an iùl
seòmair-clas is iùl-fàilte.
Meadhanan sòisealta
Carson nach postaich sibh mu deidhinn Speak Census air na meadhanan sòisealta agaibh fhèin no air an fheadhainn aig an sgoil? Gheibhear dealbhan is postaichean ullaichte ri luchdadh a-nuas. ’S urrainn dhuibh na postaichean a chleachdadh mar a tha iad no an atharrachadh.
Bhidiothan rannsachadh-cùise
Chruthaich sinn trì bhidiothan rannsachadh-cùise as urrainn dhuibh sealltainn dhan chlas agaibh agus iad ag ionnsachadh mu dheidhinn a’ chunntais-shluaigh. Tha gach bhidio a’ coimhead air pròiseact agus buaidh mhòr dàta a’ chunntais-shluaigh 2011 a bha air a’ phròiseact. Tha na bhidiothan a’ toirt am follais mar as urrainn don fhiosrachadh seo cuideachadh ann a bhith a leasachadh na dùthcha. Mhòlamaid coimhead orra ann an òrdugh anns a bheil iad air an liosta.
Mòran taing
Tapadh leibh airson ur taic a thaobh Speak Census agus airson a bhith a’ teagasg an fhiosrachaidh a tha ann mun chunntas-shluaighann an àm seachad, làthaireach is ri teachd.
Tha sinn an dòchas gum bi an stuth seo a’ còrdadh ribh agus gum bi sibh gan cleachdadh gus planaichean leasain spòrsail, inntinneach is pearsanta a chruthachadh airson ur sgoilearan.
Bhiodh e math cluinntinn bhuaibh!
Ma tha sibh a’ togail dhealbhan no bhidiothan bho ur clas agus iad a’ coimhead air rannsachaidhean-cùise Speak Census no a’ gabhail pàirt ann an cleasan an lùib ris no dhealbhan is bhidiothan bho obair a rinn a’ chlann-sgoile agaibh ceangailte ris a’ chunntais-shluaigh, nach cuir sibh thugainn iad?
’S urrainn dhuibh an cur thugainn gu ar seòladh puist-d gu h-ìseal no am postadh air na meadhanan sòisealta, a’ tagadh @Scotcensus2022 is a’ cleachdadh #SpeakCensus, ’S mar sin, ’s urrainn dhuinn an co-roinneadh air na seanailean againn cuideachd.
Ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh Speak Census no Cunntas-sluaigh na h-Alba, cuiribh post-dealain gu [email protected].