Iùil clas-sgoile
Iùil son leasanan cunntais-sluaigh, le ceanglaichean gu goireasan a bharrachd.
Dè th’ anns a’ chunntas-shluaigh?
Fàilte do iùl seòmar-clas Speak Census goireas us ur cuideachadh gus planaichean leasain is taisbeanaidhean mu Chunntas sluaigh na h-Alba a chruthachadh airson ur clas.
’S e tachartas comharraichte a th’ ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba.
’S e cunntadh oifigeil de gach duine is sliochd taighe tha san dùthaich a th’ ann an Cunntas sluaigh agus tha e a’ tachairt gach 10 bliadhna. Tha feum aig an Riaghaltas agus aig solaraichean seirbheise eile air dàta a’ chunntais-shluaigh gus co-dhùnaidhean cudromach a ruigsinn.
Tha na freagairtean a tha daoine a’ toirt do cheistean a’ chunntaisshluaigh a’ cuideachadh gus dealbh de shluaigh na h-Alba a tharraing. Bidh daoine dealasach is dìorrasach air feadh an Riaghaltais, ùghdarrasan ionadail, gnìomhachasan agus bhuidhneancarthannachd a’ cleachdadh dàta a’ chunntais-shluaigh gus seirbheisean a chruthachadh far a bheil am feum as motha orra.
Bhiomaid air ar dòigh nam b’ urrainn dhuibh is do ur sgoilearan a bhith an sàs ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba 2022 agus a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn tairbhean a’ chunntais-shluaigh.
Chruthaich sinn stuthan a tha inntinneach is furasta ri chleachdadh gus an tèid agaibh is aig ur sgoilearan air ionnsachadh na tha ri ionnsachadh ann an gach leasan. San t sgrìobhainn seo, gheibhear molaidhean air cleasan ri dhèanamh sa chlas agus cleasan as urrainn do na sgoilearan dèanamh aig an taigh còmhla ri an teaghlach, caraidean, luchd cùraim agus daoine a tha a’ fuireach còmhla riutha.
Chruthaich sinn taisbeanadh PowerPoint, teamplaid leasanan agus moladh de phostaichean airson nam meadhanan sòisealta, as urrainn dhuibh a cho-roinn còmhla ri pàrantan is luchd-glèidhidh, mun chunntas sluaigh agus mu na dh’ionnsaich na sgoilearan.
A bharrachd air na stuthan seo, rinn sinn trì filmichean goirid as urrainn dhuibh sealltainn dhan chlas agaibh. Tha iad a’ taisbeanadh phròiseactan a chleachd dàta a’ chunntais shluaigh 2011 gus beatha saoranaich na h Alba, agus an dùthaich air fad, a leasachadh. Tha na filmichean seo air an cruthachadh do chlann-sgoile gus ùidh anns a’ chunntas sluaigh a thogail bho thoiseach am beatha agus gus am bi iad a’ bruidhinn còmhla ri an caraidean, teaghlach, luchd-cùraim is an fheadhainn leis a bheil iad a’ fuireach mu dheidhinn.
Tha na filmichean air an ath dhuilleag còmhla ri mìneachadh air mar a tha iad a’ co fhreagairt ris a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais. Mholamaid na filmichean fhaicinn anns an òrdugh anns a bheil iad air an duilleig.
Mealaibh na filmichean!
Rannsachaidhean-cùise is clàr-teagaisg
Buidseadan Comhairle
Tha seo a’ toirt cunntas air mar a tha dàta a’ chunntais-shluaigh a’ cuideachadh an Riaghaltais ri buidseadan a riarachadh gus coimhearsnachadh ionadail a mhathachadh.
A thaobh curraicealam nan oileanach, tha an rannsachadh-cùise seo a’ dèiligeadh ri cuspairean le àireamhachd, slàinte is sunnd, ealain sgairteil, teicneolas is saidheans sòisealta (gu h-àraidh daoine ann an sòisealtas, eaconamaidh is gnìomhachas).
Loch Laomainn
Tha am film seo a’ sealltainn mar a tha dàta a’ chunntais-shluaigh a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gum fuirich Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean na h-àite mìorbhaileach airson a bhith ag obair, a’ fuireach is a’ cur airgead ann agus a’ tadhal air.
A thaobh curraicealam nan oileanach, tha an rannsachadh-cùise seo a’ dèiligeadh ri cuspairean bho shaidheans, slàinte is sunnd, ealain sgairteil is saidheans sòisealta (gu h-àraidh daoine, àite is àrainneachd).
Cànan-soidhnidh Bhreatainn (BSL)
Tha film BSL a’ cur an cèill mar a chuidich fiosrachadh a’ chunntais-shluaigh ri beatha cleachdaichean BSL air feadh na h-Alba atharrachadh thar na 10 bliadhna mu dheireadh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air gabhail ri Achd BSL (Alba) 2015 a tha cho cudromach sna goireasan air duilleag 09.
A thaobh curraicealam nan oileanach, tha an rannsachad-cùise seo a’ dèiligeadh ri cuspairean bho chànanan, ealain sgairteil, teicneolas is saidheans sòisealta (gu h-àraidh daoine, tachartasan san àm seachad, is sòisealtasan).
Cànan-soidhnidh Bhreatainn (BSL)
Gus uiread ’s a ghabhas de fhiosrachadh a sholarachadh dhuibh, agus gus an tèid agaibh air an co-roinneadh còmhla ri ur sgoilearan, tha an duilleag seo a’ coimhead air Cànansoidhnidh Bhreatainn (BSL) fhèin, air mar a leasaich an cànan bhon chunntais-shluaigh 2011, agus air dè a th’ ann an contactSCOTLAND BSL.
Dè a th’ ann an Achd BSL (Alba) 2015?
An robh fhios agaibh gu bheil aonar anns gach sianar ann an Alba a’ cleachdadh BSL airson còmhraidh? Tha e ro-chudromach gun dèanar dìcheall gus an cànan seo a ghabhail a-steach ann am foghlam, seirbheisean-slàinte agus beatha làitheil.Chaidh Achd BSL (Alba) 2015 a chruthachadh bho dhàta stèidhichte air a’ chunntas-shluaigh 2011 agus tha e ag adhartachadh cleachdadh BSL air feadh na dùthcha le bhith a’ brosnachadh ùghdarrasan ionadail, an NHS is buidhnean poblach eile planaichean BSL aca fhèin a chruthachadh. Tha na planaichean a’ cur an cèill mar a bhithear a’ dùsgadh mothachadh a’ chànain, a’ dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh sheirbheisean poblach is na seirbheisean fhèin so ruigsinneach airson a h-uile cleachdaiche BSL air feadh na h-Alba.
Dè th’ ann an ContactSCOTLAND BSL?
Tha ContactSCOTLAND BSL a’ toirt barrachd neo-eisimeileachd do Choimhearsnachd Daoine Bodhar na h-Alba agus tha e riatanach ann an suidheachaidhean-èiginn. Leis an t-seirbheis seo, ’s urrainn do chleachdaiche BSL conaltradh a dhèanamh còmhla ri dotair, seirbheis bìdh air bois is an leithid., le bhith a’ bruidhinn le eadar-theangaiche BSL tro sheirbheis bhidio air loidhne mar Zoom. Bidh an t-eadar-theangaiche BSL ag eadar theangachadh mar-aon bho BSL gu Beurla airson an duine ris a bheil an cleachdaiche BSL ag iarraidh bruidhinn agus an uair sin bidh an t-eadar-theangaiche BSL, fhathast air gairm bhidio, ag eadar-theangachadh na teachdaireachd gu cànan-soidhnidh airson a’ chleachdaiche BSL. Tha sin a’ ciallachadh gun tèid aig cleachdaichean BSL air rudan a dhèanamh agus feum air fònaigeadh gus an dèanamh, mar eisimpleir ceannlà ris an dotair no ris a’ ghruagaire. Tha sibh a’ tuigsinn gu bheil an t-seirbheis seo ro-chudromach nuair a tha cleachdaiche BSL airson fòn a chur gu 999.
Ciamar a chuidich an cunntassluaigh ContactSCOTLAND BSL?
Chleachd buidheann-stiùiridh na h-Alba airson cùisean nam Bodhar, deafscotland, fiosrachadh bhon chunntais-shluaigh 2011 gus faighinn a mach cia mheud duine a bha a’ cleachdadh BSL aig an taigh. Chuir n toraidhean cuideam air feum air seirbheis mar contactSCOTLAND BSL gus taic a thoirt do Choimhearsnachd nan Daoine Bodhar. Chunnaic deafscotland am fiosrachadh seo agus thuig iad gum biodh cothrom aca cuideachadh. An uair sin, chleachd iad am fiosrachadh gus maoineachadh Riaghaltais ro-fheumail fhaighinn agus chruthaich iad contactSCOTLAND BSL.
Luchd-comhairle is eadar-theangaichean BSL
’S e neach-comhairle BSL airson deafscotland a th’ ann an Derek Todd a tha air agallachadh airson filmichean BSL againn agus e fhèin na chleachdaiche BSL. Tha Derek a’ cuideachadh bhuidhnean ri tuigse nas fheàrr fhaighinn air BSL agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil ceangalan làidir ri in-ghabhailteachd, co-ionannachd is iomadachd aig gnothachasan. Anns a’ bhidio ceangailte air duilleag 04, chìthear an t-eadar-theangaiche BSL aig Derek, Helen Dunipace, a tha ag eadar theangachadh a h-uile rud a tha Derek a’ soidhneachadh gu Beurla is air ais gu BSL. ’S ann mar sin a tha contactSCOTLAND BSL ag obair!
Airson barrachd fiosrachaidh air Achd BSL (Alba) 2015, deafscotland no contactSCOTLAND BSL, seallaibh air na ceangalan gu h-ìosal.
Cleasan sa chlas
Buidseadan Comhairle
Thoiribh sùil air rannsachaidhean-cùise is cunntasan stadastaigeil bho chunntasan sluaigh nas sine gus mion-chunntas-sluaigh air sgìre ionadail nan sgoilearan a chruthachadh, a tha a’ coimeas an latha an-diugh ris na làithean a chaidh seachad, agus dèanaibh taisbeanadh air. B’ urrainn do sgoilearan sgoiltean, pàircean, ionadan-coimhearsnachd, taighean-dhealbh is togalaichean no seallaidhean eile, a tha air an atharrachadh no air an togail thar nam bliadhnaichean, a chunntadh agus a ghabhail a-steach.
Loch Laomainn
Cuidichibh a’ chlann tuigse fhaighinn air stòrasan nàdarra Loch Laomainn agus air an fheum a bhith gan cleachdadh gu cunntasach.
B’ urrainn dhaibh beachdachadh air na beathaichean a tha beò sa phàirc agus air cho cudromach ’s a tha iad airson àrainneachd na pàirce, no dealbh a dhèanamh de “phàirc nan aislingean aca.
Cànan-soidhnidh Bhreatainn (BSL)
S urrainn do chlasaichean sùil a thoirt air atharraichean ann an iomadachd is in ghabhailteachd agus faicinn air mar a dh’atharraich Alba gus rudan a dhèanamh na bu so-ruigsinniche is na b’ ion-ghabhalaiche airson a h-uile duine: cinnidheachd, creideamh, ciorramachd.
B’ urrainn don bhuidhnean de chloinn fiù ’s cànan a thaghadh, facal no dhà den chànan
ionnsachadh agus na faclan a thaisbeanadh air beulaibh a’ chlas.
Cleasan aig an taigh
Buidseadan Comhairle
Faodaidh clann faighneachd de an teaghlach/an luchd-cùraim/an fheadhainn a tha a’ fuireach còmhla riutha dè am beachd a th’ acasan air ciamar a dh’atharraich an sgìre anns an 10 bliadhna mu dheireadh.
Loch Laomainn
Bidh tòrr bheathaichean, eòin gu h-àraidh, ag imrich gu is à Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean gach bliadhna. An tèid aig na sgoilearan air faighinn a-mach dè na h-eòin, mar ainnleagan is geòidh, a bhios ag imrich a mach is a-steach san sgìre ionadail acasan gach bliadhna?
Cànan-soidhnidh Bhreatainn (BSL)
Iarraibh air na sgoilearan x5 soidhnichean BSL ionnsachadh, soidhnichen a b’ urrainn dhaibh a chleachdadh nam beatha làitheil no a bhiodh feumail nan coinneachadh iad ri cleachdaiche BSL. Mar eisimpleir, halò, ciamar a tha sibh, tha e math coinneachadh ruibh, dè an t-ainm a th’ oirbh agus is mise... .
Goireasan
Seo liosta de ghoireasan, a bharrachd air filmichean rannsachadh-cùise is stuthan eile, a bhios gur cuideachadh gus planaichean leasain a chruthachadh agus tuigse ur sgoilearan air a’ chunntais-shluaigh a mhathachadh:
Loch Lomainn
http://www.lochlomond-trossachs.org/
contactSCOTLAND-BSL
http://contactscotland-bsl.org/
Deaf Action
http://www.deafaction.org/
Rannsachaidhean-cùise a'Chunntais-shluaigh 2011
http://scotlandscensus.gov.uk/case-studies/
Làrach-lín NRS
https://www.nrscotland.gov.uk/
Cunntas-sluaigh na h-Alba
https://www.scotlandscensus.gov.uk/
Claran chunntasan-sluaigh
https://www.scotlandscensus.gov.uk/
Lebharlann Naiseanta na h-Alba
https://www.nls.uk/family-history/census-records/
Scotland's People
https://www.scotlandspeople.gov.uk/record-guides/census-returns
Seann Chlàran Paraiste
https://www.nrscotland.gov.uk/research/guides/birth-death-and-marriage-records/old-parish-registers
Clàran Eaglaisean
https://www.nrscotland.gov.uk/research/guides/church-records
Eaglais na h-Alba
https://www.churchofscotland.org.uk/about-us/our-structure/historical-records
Dàta Cunntas-Sluaigh Riaghaltas na h'Alba
https://www.gov.scot/search/?q=census&cat=sitesearch
Achd BSL (Alba) 2015