Newsletter and website copy
Text in Gaelic about the census that you can use on your website or newsletter.
Tapadh leat gu dearbh airson taic a chur ri iomairt Cunntas-sluaigh na h-Alba, tha do chuid taice gar cuideachadh gus ruigsinn air uimhir a dhaoine is a ghabhas air feadh Alba, agus dèanamh cinnteach gum faigh iad cluas ri èisteachd.
Cuir a-steach an t-susbaint gu h-ìseal san ath chuairt-litir, làrach-lìn, alt naidheachdan no meòrachan air an taobh a-staigh agaibh. Gheibh thu dealbhan an cois an fhiosrachaidh seo an seo.
Moiteil taic a chur ri Cunntas-sluaigh na h-Alba.
Is e Cunntas-sluaigh na h-Alba an cunntas oifigeil air a h-uile neach agus teaghlach anns an dùthaich.
Thathar ga chumail a h-uile 10 bliadhna mar as trice. Bidh an cunntas-sluaigh a’ faighneachd mu dheidhinn aois, gnè, dachaigh agus suidheachadh a thaobh còmhnaidh, cosnadh, foghlam agus uidheamachadh dhaoine, cho math ri cinnidheachd. Feumaidh a h-uile teaghlach ann an Alba an cunntas-sluaigh a lìonadh a-steach agus le bhith ga dhèanamh tha iad a’ cuideachadh gus cruth a chur air Alba san àm ri teachd.
Tha lìonadh a’ chunntais cudromach seach gun toir na freagairtean am fiosrachadh do Riaghaltas na h-Alba agus tòrr luchd-solair sheirbheisean eile a tha a dhìth orra gus co-dhùnaidhean cudromach a ghabhail a bhios a’ bualadh air beatha dhaoine agus air na coimhearsnachdan aca. Am measg nan co-dhùnaidhean seo tha mar a thèid airgead a chosg air seirbheisean cudromach leithid foghlam, taigheadas, cùram-slàinte, rathaidean agus rathaidean-iarainn, agus tòrr a bharrachd.
Bho dheireadh a’ Ghearrain 2022, tòisichidh teaghlaichean a’ faighinn litir le stiùireadh air mar a lìonas iad a-steach an cunntas aca air an Lìon.
Is e Là a’ Chunntais Didòmhnaich 20 Màrt, ach faodaidh tu a lìonadh a-steach cho luath agus a gheibh thu an litir agad. Dìreach feuch an toir thu freagairt air na ceistean le fiosrachadh a bhios ceart air 20 Màrt gus a dhèanamh cinnteach gu bheil dealbh againn den dùthaich air an là seo.
Rach gu census.gov.scot no fòn an loidhne-chuideachaidh an-asgaidh air 0800 030 8308 airson cuideachadh is stiùireadh air na ceistean, no ma bhios taic a dhìth ort gus a lìonadh a-steach.